Gairloch in North-West Ross-Shire: Its Records, Traditions, Inhabitants, and Natural History, with a Guide to Gairloch and Loch Maree, and a Map and IllustrationsDixon, John H. (John Henry)
History
Gairloch in North-West Ross-Shire: Its Records, Traditions, Inhabitants, and Natural History, with a Guide to Gairloch and Loch Maree, and a Map and Illustrations
Dixon, John H. (John Henry)
Gairloch (Scotland) -- Guidebooks; Gairloch (Scotland) -- History; Ross and Cromarty (Scotland) -- History
The following are twelve verses of the song in praise of Tournaig, with
an English version by Mr W. Clements Good, of Aberdeen:--
ORAN.
On's e'n diugh an dara Maigh
Bho 'na ghabh mi 'n Turnaig tamh,
Air leam fein nach b'olc an cas
Air a sgath ged' dheilbhinn rann.
Hurabh o gun tog mi fonn,
'S toil leam fein an Coire donn,
Diridh mi 'mach ris a mhaoil;
'S fallain gaoth a thaobh na meall.
'S gloirmhor obair Nadair fein,
Grian a g'oradh neoil nan speur,
Cuan na chomhnard boidheach reidh,
'S torman seimh aig seis nan allt.
Hurabh o, &c.
Turnaig aoibhinn, Turnaig aigh,
Turnaig shaoibhir, Turnaig lan,
Turnaig bheartach, 's pailte barr,
Turnaig ghnaiseach, ghranach, throm.
Hurabh o, &c.
Tha gach tlachd na d' thaic'air fas,
Sliabh is srath is cladach sail;
D'uillt do neamhneidibh cho lan
Far an snamh an dobhran donn.
Hurabh o, &c.
Tha do chladach clachadh, ard,
Geodhach, stacach, fasgach, blath;
H-uile sloc is lag is bagh
Loma-lan do mhaorach trom.
Hurabh o, &c.
Bradain mheanmnach na d' loch sail,
Iteach ballabhreac's earragheal tarr,
Suibhlach luath, na chuaich mar bharc,
Tigh'n on 'chuan gu tamh 'm bun d'allt
Hurabh o, &c.
Loch-nan-dail le chladach 'seoin,
Loch-nan-lach is glaise geoidh,
Iasgach pailt air bhailc nan ob,
'S gasd 'an spors do sheoid dhol ann.
Hurabh o, &c.
Air gach dail tha mart le laogh,
Anns gach glaic tha pailteas naoisg,
Air gach stacan, coileach fraoich
'Mach na d' aonach sgaoth chearc donn.
Hurabh o, &c.
Coill Aigeascaig gu ceutach cluth,
'S am beil legion coileach-dubh,
Sud an doire 'n goir iad moch,
Seinn am puirt le'm bus-ghuib chrom,
Hurabh o, &c.
Cuag chuldonn anns gach ait'
Seinn guggug an dluths 'nam barr,
Breacaidh-beith 'sa ghlas charn,
Snathadag is dreadhan donn,
Hurabh o, &c.
Smudan, smeorach, creothar, dnag,
Sud an ceol is boidhche sgread;
'S bru-dearg ruiteach gearradh fead,
Thuas air creagan os an cionn.
Hurabh o, &c.
Leam a b'ait bhi seal le'm ghaol,
G-eisdeachd cruitearan do chraobh;
Gabhail beachd air obair shaor
Nadair aonsgeulaich 's gach ball.
Hurabh o, &c.
SONG ON TOURNAIG.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account