Another specimen of the Dean’s poems may be given as one which the
compiler attributes to Ossian. It is Ossian’s eulogy on his father
Finn, or Fingal, as he is called by M’Pherson:--
_Modern Gaelic._
AUCTOR HUJUS OISIAN MAC FHINN.
Sé la gus an dé o nach fhaca mi Fionn,
Cha-n fhaca ri’m ré se bu gheire leam;
Mac nighinn O’Théige, rìgh nam buillean tròm,
M’oide, ’us mo rath, mo chiall ’us mo chon.
Fa filidh fa flath, fa rìgh air ghéire,
Fionn flath, rìgh na Feinn, fa triath air gach tìr;
Fa miall mòr mara, fa leobhar air leirg,
Fa seabhag glan gaoithe, fa saoi air gach ceaird.
Fa h-oileanach ceart, fa marcaich nior mhearbh,
Fa h-ullamh air ghniomh, fa steith air gach seirm;
Fa fior, ceart, a bhreith, fa tamhaiche tuaith.
Fa ionnsaichte ’n a àigh, fa brathach air buaidh;
Fa h-e an teachdair ard, air chalm’us air cheòl,
Fa diùltadh nan daimh o dh’fhàg graidh na gloir.
A chneas mar an caile, a ghruaidh mar an ròs,
Bu ghlan gorm a rosg, ’fholt mar an t-òr.
Fa dùil daimh ’us daoine, fa aireach nan àgh,
Fa h-ullamh air ghniomh, fa mìn ri mnathaibh.
Fa h-e am miall mòr, mac muirne gach magh,
B’fhear loinneadh nan lann, an crann os gach fiodh.
Fa saoibhir an rìgh, a bhotul mòr glas,
D’fhion dhoirt gheur dhoibh, tairbh nochchar threa
. . . . . . . . . . . . broinn bhàin
. . . air an t-sluagh, fa bu chruaidh cheum,
Fa chosnadh an gniomh, fa Bhanbha nam beann
Gun d’thug am flath triochaid catha fa cheann,
Air sgraiteach dha, M’Cumhail nior cheil,
A deir fa ghò, ni clos gò ’n a bheul;
Ni euradh air neach, a fhuair fear o Fhionn,
Cha robh ach rìgh gréine, rìgh riamh os a chionn.
Nior dh’fhàg beist an loch, no nathair an nimh,
An Eirinn nan naomh, nar mharbh an saor seimh.
Ni h-innisinn a ghniomh, a bhithinn gu de bhràth,
Nior innisinn uam, trian a bhuaidh ’s a mhaith.
Ach is olc a taim, an deigh Fhinn na Feinn,
Do chaith leis an fhlath, gach maith bha ’na dheigh.
Gun anghnath aoin mhòir, gun eineach glan gaoithe,
Gun òr ’us mnathaibh rìgh, ’s gun bhreith nan laoch.
Is tuirseach a taim, an deigh chiun nan ceud,
Is mi an crann air chrith, is mo chiabh air n-eug
Is mi a chno chith, is mi an t-each gun sréin,
Achadan mi an uair, is mi an tuath gun treith;
Is mi Oisian MacFhinn, air trian de’m ghnioimh,
An fhad ’s bu bheò Fionn, do bu leam gach ni.
Seachd slios air a thigh, M’Cumhail gon fleadh,
Seachd fichead sgiath chlis, air gach slios diubh sin;
Caogad uidheam olaidh an timchioll mo rìgh,
Caogad laoch gun iomagain anns gach uidheam dhiubh.
Deich bleidh bàn, ’n a thalla ri òl,
Deich eascradh gorm, deich corn de’n òr.
Ach bu mhaith an treabh, a bh’aig Fionn na Feinn,
Gun doichioll, gun drùth, gun gleois, gun gléidh.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account