Bha fear air astar uaireigin mu thuath, a réir coslais, mu
Shiorramachd Inbhirnis. Bha e a’ coiseachd là, ’us chunnaic e fear
a’ buain sgrath leis an làr-chaipe. Thainig e far an robh an duine.
Thubhairt e ris, “Oh, nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair sin.”
Thubhairt an duine ris, “Oh, nam faiceadh tu m’athair, is e a’s
sine na mise.” “D’athair” ars’ an duine, “am bheil d’athair beò
’s an t-saoghal fhathasd?” “Oh, tha” ars’ esan. “C’àite am bheil
d’athair” ars’ esan, “am b’urrainn mi ’fhaicinn?” “Uh, is urrainn”
ars’ esan, “tha e a’ tarruing dhathigh nan sgrath.” Dh’innis e an
rathad a ghabhadh e ach am faiceadh e ’athair. Thàinig e far an
robh e. Thubhairt e ris, “Nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair
sin.” “Uh,” ars’ esan, “nam faiceadh tu m’ athair, is e a ’s sine na
mise.” “Oh, am bheil d’athair ’s an t-saoghai fhathasd?” “Uh, tha,”
ars’ esan. “C’aite am bheil e” ars’ esan, “an urrainn mi ’fhaicinn?”
“Uh, is urrainn,” ars’ esan, “tha e a’ tilgeadh nan sgrath air an
tigh.” Ràinig e am fear a bha ’tilgeadh nan sgrath. “Oh, nach sean
sibhse, ’dhuine, ris an obair sin,” ars’ esan. “Uh, nam faiceadh
tu m’athair,” ars’ esan, “tha e mòran na ’s sine na mise.” “Am
bheil d’athair agam r’a fhaicinn?” “Uh, tha,” ars’ esan, “rach
timchioll, ’us chi thu e a’cur nan sgrath.” Thainig e ’us chunnaic
e am fear a bha ’cur nan sgrath. “Oh, a dhuine” ars’ esan, “is mòr
an aois a dh’fheumas sibse a bhi.” “Oh,” ars’ esan, “nam faiceadh tu
m’athair.” “An urrainn mi d’athair fhaicinn?” ars’ esan, “C’àite am
bheil e?” “Mata” ars’ an duine, is òlach tapaidh coltach thu, tha mi
’creidsinn gu’m faod mi m’athair a shealltuinn duit. “Tha e,” ars’
esan, “stigh ann an geadan clòimhe an ceann eile an tighe.” Chaidh
e stigh leis ’g a fhaicinn. Bha na h-uile gin diùbhsan ro mhòr,
nach ’eil an leithid a nis r’a fhaotainn. “Tha duine beag an so,”
ars esan, ’athair, “air am bheil coslas òlaich thapaidh, Albannach,
’us toil aige ’ur faicinn.” Bhruidhinn e ris, ’us thubbairt e, “Co
as a thàinig thu? Thoir dhomh do làmh, ’Albannaich.” Thug a mhac
làmh air seann choltair croinn a bha ’na luidhe làimh riu. Shnaim e
aodach uime. “Thoir dha sin,” ars’ esan ris an Albannach, “’us na
toir dha do làmh.” Rug an seann duine air a’ choltair, ’us a’ cheann
eile aig an duine eile ’na làimh. An àite an coltair a bhi leathann,
rinn e cruinn e, ’us dh’fhàg e làrach nan cuig meur ann, mar gu’m
bitheadh uibe taois ann. “Nach cruadalach an làmh a th’agad,
’Albannaich,” ars’ esan, “Nam bitheadh do chridhe cho cruadalach,
tapaidh, dh’iarrainnse rud ort nach d’iarr mi’ air fear roimhe.”
“Ciod e sin, a dhuine?” ars’ esan, “ma tha ni ann a’s urrainn mise
’dheanamh, ni mi e.” “Bheirinnse dhuit” ars’ esan, “fìdeag a tha an
so, agus fiosraichidh tu far am bheil Tòm na h-iùbhraich, laimh ri
Inbhirnis, agus an uair a theid thu ann, chi thu creag bheag, ghlas,
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account