Thàinig ceathrar a nall,
Gun bhàta, gun long,
Fear buidhe, fionn,
Fear slatagach, donn,
Fear a bhualadh na sùisde,
’S fear a rùsgadh nan crann.
_Toimhseagan._
[51] Highland Society’s Dictionary, _sub voce_.
[52] _Am fear nach dean a Nollaig sunndach ni e chàisg gu tursach
deurach._
[53] _Chaneil Nollaig gun fheòil._
[54]
A challuinn a bhuilg bhuidhe bhoicinn
Buail an craicionn (air an tota)
Cailleach sa chill,
Cailleach sa chùil,
Cailleach eile ’n cùl an teine
Bior na da shùil
Bior na goile
A challuinn so,
Leig astigh mi.
[55]
Gaoth deas, teas is toradh
Gaoth tuath, fuachd is gaillionn,
Gaoth ’n iar, iasg is bainne,
Gaoth ’n ear, meas air chrannaibh.
[56]
B’ fhearr leam a chreach thigh’nn do’n tìr
Na mhaduinn chiùin ’san Fhaoilleach fhuar.
[57]
Faoilleach Faoilleach, cruth an crios
Faoilte mhòr bu chòir bhi ris;
Crodh us caoraich ruith air theas,
Gul us caoidh bu chòir bhi ris.
[58]
“Nead air Brithid, ubh air Inid,
’S eun air Càisg,
’S mar bi sin aig an fhitheach
Bithidh am bàs.”
[59]
“Feadag, Feadag, màthair Faoilleach fuar,
Marbhaidh i caoraich us uain,
Marbhaidh i ’n cro mòr mu seach,
’S an t-each ris an aon uair.”
[60]
“Thuirt an Gearran ris an Fhaoilleach,
C’àit an d’ fhàg thu ’n gamhuinn bochd!
Dh’ fhàg mi e aig an Fhear rinn na dùilean,
’S dhà shùil air an t-sop.
Ma bheireas mis’, thuirt a mios Màigh,
Air an anail am barraibh a chluas,
Cuiridh mi ruideis air an tràigh e,
’S fheaman air a ghualainn.”
[61]
“Sin thuirt an Gearran gearr,
Ni mi farran ort nach fhearr,
Cuiridh mi bhò mhòr sa pholl,
Gus an d’ thig an tonn far a ceann.”
[62]
“Buailidh i thall, buailidh i bhos,
Buailidh i eadar a da chois;
...
Thilg i e fo ’n chraoibh chruaidh chuilinn,
Air nach do chinn gas feur no fionnadh riamh.”
[63]
An linge làn air chionn a Mhàrt,
’S tugha nan tighean an claisean nan iomairean.
[64]
Leig seachad a chiad Mhàrt
S an dàrna Mhàrt màs fheudar e,
Ach olc air mhath gan d’thig an t-sìd,
Cuir do shìol san fhior Mhàrt.
[65] Campbell’s _Superstitions of the Scottish Highlands_, p. 296.
[66]
Thuirt an Inid ris a Chàisg,
C’àit am faigh mi àite cluich?
Thoir thusa dhomhsa pàilliun geamhraidh
’S togaidh mi tigh samhraidh dhuit.
[67] This derivation has been derived from, and others have been
confirmed by Lhuyd (_Archæologia Britannica_, publ. at Oxford, 1707). The
work is folio size, and contains many curious and sensible philological
observations. Its principal defect is, that what is valuable is buried in
pages of uninteresting glossaries.
[68]
Reothairt na Feill Moire
’S boilich na Feill Pàruig.
[69]
Mas a bailc Bhealltainn bhlàth,
Mas a turadh an treas là,
’S mas a gaoth an ear a rithis,
’S cinnteach gum bi meas air chrannaibh.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account