Bha muinntir na dùthcha cruinn còmhla ’g a feitheamh ’s cha chumadh iad
sealladh oirre leis co àrd ’s a rachadh i anns na speuran ’s co luath
’s a thèarnadh i gu talamh. Cha b’ urrainn iad greim fhaighinn oirre
na bu mhotha na b’ urrainn iad stad a chur oirre, ’s cha robh fios aca
’d e a dhèanadh iad. Mu dheireadh chaidh iad air son fòghluim gu duine
ionnsaichte a bha ’s an dùthaich. Thuirt esan riu, buaile cruidh a
chruinneachadh far an stadadh i, ’s ’n uair a chluinneadh i ’n fheudail
’s a’ bhuar gu ’n tèarnadh i; ’s an uair a bhiodh i mar urchair gunna
uapa iad a losgadh oirre le peileir airgid, ’s gu ’n rachadh i ’n a
cual chnàmh. Ghabh iad a chomhairle ’s thòisich iad air togail chreach
’s air ise leantuinn gus an robh a’ bhuaile làn-suidhichte le crodh
ann an Crò-Chintàile. Co luath ’s a chuala ise a’ gheumnaich theirinn
i ’s loisg iad oirre leis a’ pheileir airgid mar dh’ iarr an duine
glic orra, ’s thuit i ’n a ceòsaich ’n am measg. Thog iad eadar dhaoine
am pronnan a bh’ aca dhi ’s thug iad leo do Lochabair i, ’s chum gu
’m bitheadh iad cinnteach nach dèanadh i cron beò no marbh dhoibh
tuilleadh, thìodhlaic iad i ann an Achanacairidh; ’s am fear bho ’n
deachaidh an naigheachd a chluinntinn an toiseach--anns a’ bhliadhna
1880--bha e ’g ràdhainn gu ’m b’ urrainn dha a chas a chur air an uaigh
anns an do chuireadh i.
Bha ioghnadh air Righ Lochlainn nach robh a nighean a’ tilleadh no
sgeul uaipe. Chuir e forfhais a mach, ’s trà chualaic e mar thachair
dhi, chuir e bàta ’s sgioba air son a toirt dachaidh, ach dh’ fhoghain
mnathan Lochabair le ’n ubagan dh’ i. Chaidh a briste ’s na daoine
chall, aig bun Lochiall. Cha d’ ràinig an ath chabhlach na bu mhò. ’S
an treasa uair trà chuir an Righ mach feachd na rioghachd ’s e rinn
iadsan, chuir iad eòlas a thaomadh tobraichean Dhun-I, ’s bha e ’n cois
an eòlais, rathad ’s am bith a rachadh na tobraichean a thaomadh gu ’m
faighteadh a’ ghaoth a dh’ iarrtadh. ’N uair fhuaradh sealladh air a’
chabhlach, thòisichear air taomadh an tobair, ’s mu ’n robh a’ bhoiseag
mu dheireadh as, bha a’ ghaoth co làidir ’s a’ chabhlach co dlùth ’s gu
’n do bhrisdeadh iad air cladach an Dùin, ’s chaidh cumhachd ’s feachd
nan Lochlannach lughdachadh co mòr ’s nach do thill iad riamh tuilleadh
a dheanamh dòlais no a thoirt sgrios air an tìr.
O’NEIL,
AND HOW THE HAIR OF HIS HEAD WAS MADE TO GROW.
There was a smith, before now, in Ireland, who was one day working in
the smithy, when a youth came in, having two old women with him.
He said to the smith,
“I would be obliged to you,” he said, “if you would let me have a while
at the bellows and anvil.”
The smith said he would. He then caught the two old women, threw a hoop
about their middle, and placed them in the smithy fire, and blew the
bellows at them, and then took them out and made one woman, the fairest
that eye ever saw, from the two old women.
When the smith laid down at night, he said to his wife,
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account