B’ aithne dh’ i an lus a bheireadh an toradh as a’ bhainne co math ’s
a b’ aithne dh’ i na h-eòlais a thilleadh air ais e, agus gach seòrsa
sian agus oradh a bha air a chleachdainn no air a chunntas feumail ’s
an àm. Bha gach luibh ’s a’ mhachair no ’s a’ choille co-ionnan dh’
i ri arbhar nan imirean no spilgean cònlaich, ’s cha robh duilleag
air craoibh, no preas, no dris, nach b’ aithne dh’ i. ’S an àm so bha
dùthaich a h-athar còmhdaichte le coille ghiubhais, agus iomraideach
(mar tha fhathast) air son co math ’s a bha a fiodh, ’s bha neart de
bheartais na rìoghachd ’tighinn a stigh air a tailibh.
Uair de na h-uairean sin thàinig na Lochlannaich do Albainn a thoirt
a mach fearainn ’s a dheanamh roinn na còrach air na gheibheadh iad,
’s thug iad fainear gu ’n robh coille ghiubhais Lochabair a’ fàs ’s
a’ gabhail roimpe co mòr ’s gu ’m faodtadh e ’bhi gu ’n cuireadh i
stad air coille dhubh na Suain. Chaidh feachd Lochlannach an uair so
thilleadh air ais an taobh a thàinig iad, ’s ’n uair a ràinig iad
dhachaidh dh’ innis iad do ’n righ mar bha iad ’am beachd a thachradh
’s gu ’m feumadh stad a chur air cinneas na coille Albanaich neo nach
bitheadh mòran meas air a’ chonnadh aige-san. ’S e smuaintich an
righ bho ’n a bha h-uile ionnsachadh aig a nighean gu ’n cuireadh e
’chomhairle rithe, ’s gu ’m faigheadh e fiosrachadh uaipe ’d e an dòigh
a b’ fhearr ’s a bu luaithe air a’ choille Albanaich a dheanamh na bu
lugha ’s a crìonadh. Dh’ innis i dha, ach gu ’m bitheadh aice fhéin ri
dol ann. Fhuair i cead o ’n Rìgh, ’s rinn i deas air son falbh; ’s leis
na cumhachdan a bh’ aice cha chuireadh muir no tìr, talamh no adhar,
stad air a ceum gus an ruigeadh i ceann thall a’ ghnothaich.
’N uair a ràinig i Lochabair ’s e ’n dòigh a ghabh i, dh’ fhadaidh i
teine ’an iomall a gùin ’s ghabh i gu siubhal roimh ’n choille, ’s
leis gu robh comas aice falbh anns na neòil co math ’s air an talamh,
dhìreadh i suas agus ’n uair bha i ’dìreadh ’s a’ cur cuairteig anns an
adhar, bha na sradagan teine a bha ’falbh as a gùn a’ dol gach taobh
leis a’ ghaoith ’s a’ lasadh na coille gus an robh an dùthaich uile gu
bhi ’n a caoirean teintich ’s co dùinte le deathaich ’s gur gann a bu
léir do dhuine lias, ’s a chionn gu ’n robh i fhéin air fàs anns an
deathaich ’s anns an t-sùith na bu duibhe na craobh ’s a’ choille, ’s e
“An Dubh Ghiùbhsach” a theireadh iad rithe.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account