Gobhainn bh’ ann roimhe so ann an Eirinn, ’s bha e latha de na
làithean ag obair anns a’ cheàrdaich agus thàinig òganach stigh ’s dà
sheana-bhoirionnach aige. Thuirt e ris a’ ghobhainn, “Bhithinn ann
ad ehomain,” ars’ esan, “na ’n toireadh tu dhomh tacan de ’n bholg
’s de ’n innean.” Thuirt an gobhainn ris gu ’n tugadh. Rug e an sin
air an dà chaillich, chaith e cearcall mu ’m meadhon, ’s chàirich e
’s an teallach iad, ’s shéid e am bolg riu; thug e ’n sin mach iad ’s
rinn e aon bhoirionnach a bu bhreadha ’s a chunnaic sùil duine de ’n
dà chaillich. ’N uair a luidh an gobhainn ’s an oidhche, thuirt e ris
a mhnaoi, “Thàinig fear rathad na ceàrdaich an diugh ’s dà chaillich
aige, ’s dh’ iarr e orm treis de ’n bholg ’s de ’n innean, ’s rinn e
’m boirionnach a bu bhriadha a chunnaic sùil duine riamh air an dà
chaillich. Tha mo mhàthair fhéin ’s do mhàthair fhéin againn ann an so,
’s tha mi ’smaointeachadh gu ’m feuch mi ri aon bhoirionnach ceart a
dheanamh orra bho ’n a chunnaic mi am fear eile ’g a dheanamh.”
“Dean,” ars’ ise, “tha mi làn-toileach.”
Am màireach thug e mach an dà chaillich ’s chuir e ’n cearcall mu ’m
meadhon, ’s thilg e ’s an teallach iad. Cha b’ fhada ach gus an robh
coltach nach bitheadh na cnàimhean fhéin aige dhiùbh. Bha an gobhainn
’n a chàs gun fhios aige ’dé dheanadh e, ach thàinig guth air a
chùlthaobh, “Tha thu ann ad éiginn, a ghobhainn, ach ma dh’ fhaoidte
gu ’n cuir mise ceart thu.” Rug e air a’ bholg ’s théid e na ’s teinne
riu; thug e mach iad a sin ’s chuir e air an innean iad, ’s rinn e
boirionnach a bu bhriadha de ’n dà chaillich. Thuirt e sin ris a’
ghobhainn, “Bha feum agad ormsa an diugh, ach,” ars’ esan, “’s ann a ’s
fearr dhuit mise fhasdadh, ’s cha ’n iarr mi ort ach darna leth de na
bheir mi a mach; ach gu ’m bi so anns a’ chùmhnant, gu ’m bi an treas
trian de m’ thoil fhéin agam.” Dh’ fhasdaidh an gobhainn e.
Aig an àm sin chuir O’ Neil mach fios na ’m faigheadh e fear a
chuireadh falt air, chionn cha robh falt idir air O’ Neil na air O’
Domhnull a bhràthair, gu ’n toireadh e dhoibh a’ cheathramh chuid d’ a
mhaoin; ’s thuirt an gille ris a’ ghobhainn, “’S fhearr dhuinne falbh
’s bargan a dheanamh ri O’ Neil gu ’n cuir sinn falt air;” ’s rinn iad
mar sin. “Abair thusa ris,” thuirt an gille ris a’ ghobhainn, “gu bheil
gille agadsa a chuireas falt air, air son a’ cheathramh chuid d’ a
mhaoin.”
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account