Bha O’ Neil deònach air a shon so, agus dh’ iarr an gille seòmar
fhaotainn dhoibh fhéin, ’s dh’ iarr e coire a chur air, ’s teine math
ris. Rinneadh mar a dh’ iarr e, ’s chaidh O’ Neil a thoirt stigh, ’s
chuir e ’n a shìneadh air bòrd e, ’s rug e air an tuaidh ’s thilg e
dheth an ceann, ’s chuir e ’n comhair na goille anns a’ choire e. ’An
ceann tacain rug e air gramaiche mòr a bh’ aige ’s thog e suas an ceann
leis, ’s bha toiseach fuilt a’ tighinn air. Ann an ceann treis thog e
suas a rithist e leis a’ ghramaiche cheudna, agus an uair so ruigeadh
car m’ a dhòrn de ’n fhalt bhriadha bhuidhe. Thug e sin an togail ud
air, ’s bhuail e air a’ choluinn e. Ghlaodh sin O’ Neil greasad air
’s a leigeil air a chois, ’n uair a chunnaic e ’m falt briadha buidhe
a’ tighinn ’n a shùilean. Rinn e riu mar a gheall e; fhuair iad a
cheathramh chuid d’ a mhaoin.
’N uair bha iad so ’dol dachaidh’s an spréidh aca, thuirt an gille ris
a’ ghobhainn, “Tha mi nis ’dol a dhealachadh ribh, ’s nì sinn dà leth
air an spréidh.” Cha robh an gobhainn toileach air so a thoirt dha, ach
bho ’n a bha e ’n a chùmhnant fhuair e ’n darna leth. Dhealaich iad
so, agus am beothach nach cailleadh an gobhainn an dràsd’ shiubhladh e
rithist, ’s cha robh fhios aige c’ àite an robh e a’ dol, ’s mu ’n d’
ràinig e ’n tigh cha robh aige ach seann mhart nach do chaill e de ’n
spréidh.
’N uair a chunnaic O’ Domhnull am falt a bh’ air a bhràthair, chuir e
mach fios gu ’n toireadh e ’n treas cuid d’ a mhaoin seachad do aon ’s
am bith a chuireadh air fhéin e. Smaointich an gobhainn gu ’m feuchadh
e-fhéin g’ a dheanamh an dràsda gun duine ach e-fhéin. Chaidh e far
an robh O’Domhnull ’s thuirt e ris gu ’n cuireadh e air-san e mar an
ceudna, ’s gur e a chuir air a bhràthair, O’Neil, e, ’s dh’ iarr e ’n
coire ’chur air ’s teine math ris. Thug e O’ Domhnull stigh do sheòmar
’s cheangail e air bòrd e, ’s rug e air an tuaidh, ’s thug e dheth an
ceann ’s thilg e ’an comhair na goille e anns a’ choire. ’An ceann
treis rug e air a’ ghramaiche dh’ fheuchainn an robh falt a’ cinntinn,
ach ’an àite falt a bhi ’cinntinn ’s ann a bha na giallan ’tuiteam as.
Bha an gobhainn ’an impis dol as a chiall, gun fhios aige ’dé dheanadh
e, ’n uair a chualaig e guth air a chùlthaobh ag ràdhainn ris, “Tha thu
ann ad éiginn.” Bha so gille na sgoil-duibhe, a bh’ aige fhéin roimhe,
air tilleadh. Shéid e ris a’ choire na bu teodha, ’s thug e sin nuas
leis an gramaiche a shealltainn ciamar a bha an ceann a’ deanamh, ’s
bha am falt a’ cinntinn. An ath-uair a dh’ fheuch e e, ruigeadh car
mu ’dhòrn dheth. “Bho ’n a bha e co fada gun chinntinn,” ars’ esan,
“cuiridh sinn car a bharrachd mu ’m dhòrn;” ’s ’n uair a dh’ fheuch
e rithist e, ruigeadh e ’n dà char. Thog e as a’ choire e, ’s bhuail
e air a’ choluinn e; ’s ghlaodh e ’ghrad-fhuasgladh, ’s e ’faicinn
’fhalt buidhe sìos air a ghualainn. Chòrd am falt ris fior mhaith, bha
barrachd fuilt air ’s a bh’ air O’ Neil a bhràthair. Fhuair iadsan
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account