The literature of the Highlanders : $b a history of Gaelic literature from the earliest times to the present dayMacNeill, Nigel
History
The literature of the Highlanders : $b a history of Gaelic literature from the earliest times to the present day
MacNeill, Nigel
Scottish Gaelic literature -- History and criticism
‘2mh.—A mheudachadh nam bailtean anns am bheil Croitearan a nis,
agus a dheanamh bailtean ùra agus tuathanachais air fearann ’sam
bith a chi a’ Chùirt freagarrach; paidheadh iomchuidh a bhi air
a thoirt airson call ’sam bith a thig air an fheadhainn aig am
bheil am fearann an dràsd.
‘3mh.—A dh’ŏrdachadh gu’m biodh tighean freagarrach, le roinnean
do’n fhearrann, air an ullachadh, air cùmhnantan ceart, air son
seirbheisich agus luchd-obair an fhearainn.
‘4mh.—A shochrachadh gach riaghailt a bhuineas do Shealg; gun
fearann ’sam bith ri bhi air a ghabhaìl air son seilg ás eugmhais
aonta na Cùirt.
“Gu’m bi comas aig Luchd-riaghlaidh nan Sgirean, fo sheoladh
na Cùirt, air aigiod rioghachdail fhaotainn an iasad air urras
nan cisean, gu bhi air a’ thoirt an coingheall do’n Tuath Bhig,
Croiteirean, is Coiteirein, a dh’ullachadh thighean is stoc; na
h-iasaid so ri fuireach fo bhoinn ath-phàidhidh air urras nan
tuathanachais, nam bailtean, nan croitean, ’s an stuic gus am faigh
Luch-raighlaidh nan Sgìrean an cuid féin air ais.
“Gur h-ann aig a’ mhuintir a tha ag àiteachadh a’ ghruinnd a
bhios còir air toradh gach ath-leasachadh no seilbh a bhios air a
chruthachadh ann no air an fhearann leosan a tha ’ga oibreachadh;
agus bidh e comasach doibh an còirchean ’nan gabhaltais a reic no
air dòigh eile dealachadh riu; a’mhuinntir a thig ’nan déigh gu bhi
fo na h-aon chùmhnantan, ’s an seilbh air na h-uile chòirichean
agus shochairean, a bha aig an fheadhainn a bha rompa.
“Gu’m hi gabhaltais cinnteach no seasmhach aig uile
luchd-aiteachaidh an fhearainn; se sin ri râdh nach bi iad air an
gluasad cho fhad ’s a bhios na màil a shuidicheas a’ Chùirt air am
pàidheadh, agus cùmhnantan a ghabhaltais air an coimhlionadh.”
HISTORY AND ARCHAEOLOGY.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account