That Scotland felt largely the influence of the Crusades cannot be
denied by any observant student of her history. Her whole political
and social system was modified by them, while to them is largely due
the place and power which the mediæval Church obtained under the
government of David I. That Scottish literature should have felt
their influence is more than likely, and it is possible, although
it is hardly safe to go further, that some of these tales of the
Scottish Highlands owe their existence to the wanderings of Scottish
Crusaders. Be their origin, however, what it may, they afford a
deeply interesting field of enquiry to the student of the popular
literature of the country. In our own view, they are of great value,
as presenting us with admirable specimens of idiomatic Gaelic. We
transcribe one tale, making use of the ordinary orthography of the
Gaelic, Mr Campbell having used forms of spelling which might serve
to express the peculiarities of the dialect in which he found them
couched.
MAOL A CHLIOBAIN.
Bha bantrach ann roimhe so, ’us bha trì nigheanan aice, ’us
thubhairt iad rithe, gu’n rachadh iad a dh’iarraidh an fhortain.
Dheasaich i trì bonnaich. Thubhairt i ris an té mhòir, “Cò aca
is fhearr leat an leth bheag ’us mo bheannachd, no’n leth mhòr
’s mo mhallachd?” “Is fhearr leam, ars’ ise, an leth mhòr ’us
do mhallachd.” Thubhairt i ris an té mheadhonaich, “Co aca’s
fhearr leat an leth bheag ’us mo bheannachd, no’n leth mhòr ’us mo
mhallachd.” “Is fhearr leam an leth mhòr ’us do mhallachd,” ars’
ise. Thubhairt i ris an té bhig, “Co aca ’s fhearr leat an leth mhòr
’us mo mhallachd, no’n leth bheag ’s mo bheannachd?” “Is fhearr leam
an leth bheag’us do bheannachd.” Chord so r’a màthair, ’us thug i
dhi an leth eile cuideachd.
Dh’ fhalbh iad, ach cha robh toil aig an dithis ’bu shine an té
’b’òige ’bhi leo, ’us cheangail iad i ri carragh cloiche. Ghabh
iad air an aghaidh, ’s ’n uair a dh’amhairc iad as an déigh, co a
chunnaic iad ach ise ’us a’ chreig air a muin. Leig iad leatha car
treis gus an d’ràinig iad cruach mhòine, ’us cheangail iad ris a
chruaich mhòine i. Ghabh iad air an aghaidh treis, ’us dh’amhairc
iad ’n an déigh, ’us cò a chunnaic iad ach ise a’ tighinn, ’s a’
chruach mhòine air a muin. Leig iad leatha car tacan gus an d’ràinig
iad craobh, ’us cheangail iad ris a’chraoibh i. Ghabh iad air an
aghaidh treis, ’us ’n’uair a dh’amhairc iad ’n an déigh, cò a
chunnaic iad ach ise a’ tighinn, ’s a’chraobh air a muin. Chunnaic
iad nach robh maith bhí rithe. Dh’fhuasgail iad i ’us leig iad leo
i. Bha iad a’ falbh gus an d’thàinig an oidhche orra. Chunnaic iad
solus fada uatha, ’us ma b’fhada uatha, cha b’fhada bha iadsan ’g
a ruigheachd. Chaidh iad a stigh. Ciod e bha so ach tigh famhair.
Dh’iarr iad fuireach ’s an oidhche. Fhuair iad sin ’us chuireadh a
luidhe iad le trì nigheanan an fhamhair.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account