Bha caran de chneapan òmbair mu mhuinealan nigheanan an fhamhair,
agus sreangan gaosaid mu’m muinealan-san. Choidil iad air fad, ach
cha do choidil Maol a’ chliobain. Feadh na h-oidhche thàinig pathadh
air an fhamhar. Ghlaodh e r’a ghille maol carrach uisge ’thoirt
d’a ionnsuidh. Thubhairt an gille maol carrach nach robh deur a
stigh. “Marbh, ars’ esan, té de na nigheanan coimheach, ’us thoir
a’m ionnsuidhse a fuil.” “Ciamar a dh’ aithuicheas mi eatorra?”
ars’ an gille maol carrach. “Tha caran de chneapan mu mhuinealan
mo nigheanan-sa, agus caran gaosaid mu mhuinealan chàich.” Chuala
Maol a chliobain am famhar, ’us cho clis ’s a b’urrainn i, chuir i
na sreanganan gaosaid a bha m’a muineal féin agus mu mhuinealan a
peathraichean mu mhuinealan nigheanan an fhamhair, agus na cneapan
a bha mu mhuinealan nigheanan an fhamhair m’a muineal féin agus mu
mhuinealan a peathraichean, ’us luidh i sios gu samhach. Thàinig
an gille maol carrach, ’us mharbh e té de nigheanan an fhamhair,
’us thug e an fhuil d’a ionnsuidh. Dh’iarr e tuilleadh a thoirt d’a
ionnsuidh. Mharbh e an ath thé. Dh’iarr e tuilleadh ’us mharbh e an
treas té. Dhùisg Maol a’ chliobain a’ peathraichean, ’us thug i air
a muin iad, ’us ghabh i air falbh. Mhothaich am famhar dith ’us lean
e i.
Na spreadan teine a bha ise ’cur as na clachan le a sàiltean, bha
iad a’ bualadh an fhamhair ’s an smigead; agus na spreadan teine a
bha am famhar ’toirt as na clachan le barraibh a chos, bha iad a’
bualadh Mhaol a’ chliobain an cùl a’ chinn. Is e so ’bu dual doibh
gus an d’ràinig iad amhainn. Leum Maol a’ chliobain an amhainn ’us
cha b’urrainn am famhar an amhainn a leum. “Tha thu thall, a Mhaol
a’ chliobain.” “Tha, ma’s oil leat.” “Mharbh thu mo thrì nigheanan
maola, ruagha.” “Mharbh, ma ’s oil leat.” “’Us c’uine thig thu ris?”
“Thig, ’n uair bheir mo ghnothuch ann mi.”
Ghabh iad air an aghaidh gus an d’ràinig iad tigh tuathanaich. Bha
aig an tuathanach tri mic. Dh’innis iad mar a thachair dhoibh. Ars’
an tuatha ach ri Maol a’chliobain, “Bheir mi mo mhac a’s sine do’d
phiuthair a’s sine, ’us faigh dhomh cìr mhìn òir, ’us cìr gharbh
airgid, a th’aig an fhamhar.” “Cha chosd e tuilleadh dhuit,” ars’
Maol a’ chliobain. Dh’fhalbh i ’us ràinig i tigh an fhamhair. Fhuair
i stigh gun fhios. Thug i leatha na cìrean ’us dhalbh i mach.
Mhothaich am famhar dhìth; ’us as a deigh a bha e gus an d’ràinig
e an amhainn. Leum ise an amhainn ’us cha b’urrainn am famhar an
amhainn a leum. “Tha thu thall, a Mhaol a’ chliobain.” “Tha, ma ’s
oil leat.” “Mharbh, thu mo thrì nigheanan maola, ruagha.” “Mharbh,
ma ’s oil leat.” “Ghoid thu mo chìr mhìn òir, ’us mo chìr gharbh
airgid.” “Ghoid, ma ’s oil leat.” “C’ uine thig thu rìs?” “Thig, ’n
uair bheir mo ghnothuch ann mi.”
Thug i na cìrean thun an tuathanaich, ’us phòs a piuthair mhòr-sa
mac mòr an tuathanaich.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account