“Bheir mi mo mhac meadhonach do’d phiuthair mheadhonaich, ’us faigh
dhomh claidheamh soluis an fhamhair.” “Cha chosd e tuilleadh dhuit,”
ars’ Maol a’ chliobain. Ghabh i air falbh, ’us ràinig i tigh an
fhamhair. Chaidh i suas ann an barr craoibhe ’bha os cionn tobair
an fhamhair. Anns an oidhche thainig an gille maol carrach, ’us
an claidheamh soluis leis, a dh’iarraidh uisge. An uair a chrom e
a thogail an uisge, thainig Maol a’ chliobain a nuas, ’us phut i
sios ’s an tobar e ’us bhàth i e, ’us thug i leatha an claidheamh
soluis. Lean am famhar i gus an d’ràinig i an amhainn. Leum i an
amhainn, ’us cha b’urrainn am famhar a leantuinn. “Tha thu thall,
a Mhaol a’ chliobain.” “Tha, ma ’s oil leat.” “Mharbh thu mo thrì
nigheanan maola, ruadha.” “Mharbh ma ’s oil leat.” “Ghoid thu mo
chìr mhìn òir, ’s mo chìr gharbh airgid.” “Ghoid, ma ’s oil leat.”
“Mharbh thu mo ghille maol carrach.” “Mharbh ma ’s oil leat.” “Ghoid
thu mo chlaidheamh soluis.” “Ghoid, ma ’s oil leat.” “C’uine thig
thu rìs.” “Thig, ’n uair bheir mo ghnothuch ann mi.” Ràinig i tigh
an tuathanaich leis a’ chlaidheamh sholuis, ’us phòs a piuthair
mheadhonach ’us mac meadhonach an tuathanaich.
“Bheir mi dhuit féin mo mhac a’s òige,” ars’ an tuathanach, “’us
thoir a’m ionnsuidh boc a th’aig an fhamhar.” “Cha chosd e tuilleadh
dhuit” ars’ Maol a’ chliobain. Dh’fhalbh i ’us ràinig i tigh an
fhamhair, ach an uair a bha greim aice air a bhoc, rug am famhar,
oirre. “Ciod e” ars’ am famhar, “a dheanadh tus’ ormsa, nan deanainn
uibhir a choire ort ’s a rinn thus’ ormsa.” “Bheirinn ort gu’n
sgàineadh tu thu fhéin le brochan bainne; chuirinn an sin ann am poc
thu; chrochainn thu ri druim an tighe; chuirinn teine fothad; ’us
ghabhainn duit le cabar gus an tuiteadh thu ’n ad chual chrionaich
air an ùrlar. Rinn am famhar brochan bainne ’us thugar dhìth ri òl
e. Chuir ise am brochan bainne m’ a beul ’us m’ a h-eudainn, ’us
luidh i seachad mar gu’m bitheadh i marbh. Chuir am famhar ann am
poc i, ’us chroch e i ri druim an tighe, ’us dh’fhalbh e fhéin ’us a
dhaoine a dh’iarraidh fiodha do’n choille. Bha màthair an fhamhair a
stigh.” Theireadh Maol a’ chliobain ’n uair a dh’fhalbh am famhar,
“Is mise ’tha ’s an t-sòlas, is mise ’tha ’s a chaithir òir.” “An
leig thu mise ann?” ars’ a’ chailleach. “Cha leig, gu dearbh.”
Mu dheireadh, leig i nuas am poca; chuir i stigh a’ chailleach,
’us cat, ’us laogh, ’us soitheach uachdair; thug i leatha am boc,
’us dh’fhalbh i. An uair a thainig am famhar, thoisich e fhéin
’us a dhaoine air a’ phoca leis na cabair. Bha a’ chailleach a’
glaodhaich, “’S mi fhéin a th’ ann.” “Tha fios agam gur tu fhéin a
th ’ann,” theireadh am famhar, ’us e ag éiridh air a’ phoca. Thàinig
am poc’ a nuas ’n a chual’ chrionaich ’us ciod e ’bha ann ach a
mhàthair. An uair a chunnaic am famhar mar a bha, thug e as an déigh
Mhaol a’ chliobain. Lean e i gus an d’ràinig i an amhainn. Leum Maol
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Elsewhere in the archive
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account