Ann an 1602 bha dà bhuachaille aig Lochabuidhe, ’s thàinig bean an
darna buachaille gu tigh a’ bhuachaille eile; agus bean-an-tighe
stigh roimpe ’s poit aice air teine; “Dé th’ agaibh anns a’ phòit?”
ars’ an té a thàinig a stigh. “Ma ta,” ars’ ise, “deur de bhrochan
a bhios aig an duine le ’dhìnneir,” “’Dé,” ars’ an té a thàinig a
stigh, “an seòrsa brochain a th’ ann?” “Tha,” ars’ an té a bha stigh,
“dubh-bhrochan.”[10] “Nach esan,” ars’ ise, “an duine truagh? Nach
’eil thu ’toirt da dad ach sin? Tha mise an uiread so de ùine fuidh
thighearna Lochabuidhe, ’s cha d’ òl mi brochan gun fhionnan-feòla
no rud-eiginn ann. Saoil nach beag do thighearna Lochabuidhe, ged a
gheibheamaide damh ’s a’ bhliadhna; nach beag a dh’ ionndrainneadh
e e? Cuiridh mise an duine agam fhéin a nall an nochd ’s bheir sibh
dhachaigh fear de na daimh.”
’N uair thàinig an oidhche chuir i nall e. Chuir a’ bhean an so air
falbh an duin’ eile. Thuirt an darna fear, “Goididh tusa an damh
thar na buaile, ’s bheir thu thugamsa e, agus bithidh sinn saor;
mionnaichidh mise nach d’ thug mi thar na buaile e, ’s mionnaichidh
tusa nach d’ thug thu dhachaigh e.”
Dh’ fhalbh an dà bhuachaille. ’S an àm sin chrochadh iad duine tra
’dheanadh e cron, gun fheitheamh ri lagh no binn; ach anns na lathan
bha tighearna Lochabuidhe an déigh duine ’chrochadh stigh ’s a’
choille. Dh’ fhalbh iadsan ’s dh’ fhadaidh iad teine aig craoibh ’s a’
choille, mar chomharradh do ’n fhear a chaidh a ghoid. Shuidh fear aig
an teine ’s chaidh am fear eile a ghoid an daimh. Air an oidhche fhéin
bha mòran de dhaoin’-uaisle ’s a’ Mheigh[11] aig tighearna Lochabuidhe.
Bhuail iad air cur gheall ri tighearna Lochabuidhe nach robh duine ’s
an tigh aige a bheireadh a’ bhròg thar an fhir a chaidh chrochadh an
diugh. Chuir tighearna Lochabuidhe geall riù-san gu ’n robh. Ghlaodh e
nuas air a ghille mhòr Mac Phaidean.[12] Thuirt e ris an robh e brath
an geall a leigeadh air. Dh’ fharraid an gille mòr c’ ar son a bha ’n
geall. Thuirt e ris, gu ’n robh iad ag ràdh nach robh duine ’n a chùirt
a bheireadh a’ bhròg thar an fhir a chaidh chrochadh an diugh. Thuirt
Mac Phaidean gu ’n tugadh esan dheth a’ bhròg ’s gu ’n tugadh e thuga
ann an sud i.
Dh’ fhalbh Mac Phaidean air a thurus. ’Nuair a ràinig e sheall e ’s
chunnaic e ’m fear a chaidh chrochadh ’deanamh a gharaidh. Cha deach
e na b’ fhaid’ air aghaidh, ’s thill e le cabhaig. ’Nuair a ràinig e
thuirt iad ris, an robh a’ bhròg aige. Thuirt e riu nach robh, gur
h-ann a bha ’m fear ud ’s làn cléibh de mhòine air a bhialthaobh ’s e
’deanamh a gharaidh. “Dh’ aithnich sinn-fhéin,” ars’ na daoin’-uaisle,
“nach robh agad ach an gealtair.” Thuirt an clàraineach[13] a bha
thall, “Is ceàrr an rud a tha thu ’deanamh, an geall a leigeadh air;
na ’m biodh comas nan cas agam-fhéin dh’ fhalbhainn ’s bheirinn a’
chas dheth co math ris a’ bhròig mu ’n leiginn an geall air tighearna
Lochabuidhe!”
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account