“Thig thusa so,” ars’ an gille mòr, “’s cuiridh mise dà chois nach
deachaidh riamh ’n leithid ortsa fothad.” Chuir e ’n clàraineach mu
chnàimh ’amhaich, ’s dh’ fhalbh e leis. ’Nuair thainig iad ’an sealladh
an duine a bha ’deanamh a gharaidh, dh’ iarr an clàraineach tilleadh.
Thuirt Mac Phaidean nach tilleadh. Dhlùthaich iad ris an fhear a bha
’deanamh a gharaidh. Thog am fear a bha aig an teine a cheann, ’s
mhothaich e dhoibh-san a’ tighinn. Shaoil leis gur h-e a chompanach
fhéin, am fear a chaidh a ghoid an daimh, a bha air tighinn. Labhair
e ’s thuirt e, “An d’ thàinig tu?” “Thàinig,” ars’ Mac Phaidean. “’S
am bheil e agad?” “Tha,” ars’ Mac Phaidean. “’S am bheil e reamhar?”
“Biodh e reamhar no caol agad, sin agad e!” ’s e a’ tilgeadh a’
chlàraineich mu ’n teine.
Chuir Mac Phaidean na buinn air, ’s theich e co làidir ’s a rinn e
riamh. Leum an clàraineach air falbh as a dhéighinn, chuir e na ceithir
raimh[14] orra gu teicheadh. Dh’ éirich am fear a bh’ aig an teine,
agus dùil aige gur h-e feadhainn a thainig a dh’ fharcluais air fhéin
a bh’ ann, ’s gu ’n robh e nis a sàs. Dh’ fhalbh e as déighinn a’
chlàraineach, dhol a ghabhail a leithsgeul do thighearna Lochabuidhe.
Bha an clàraineach ’g a fhaicinn a’ tighinn as a dhéighinn, ’s e
làn-chinnteach gur h-e ’m fear a chaidh chrochadh a bh’ ann.
Ràinig Mac Phaidean. Dh’ fharraid iad dheth an d’ thug iad bròg bharr
an duine. Thuirt e nach d’ thug, gu ’n dubhairt e ris-san an robh
an clàraineach reamhar, ’s gu ’n robh e cinnteach gu ’n robh e air
’itheadh aca roimhe so.
Ràinig an clàraineach ’s an glaodh ud ’n a cheann, esan a leigeadh
a stigh, gu ’n robh am fear ud a’ tighinn. Leigeadh a stigh e. Am
buileach a bha e stigh, bhuail am fear a bh’ air a’ chroich ’s an
dorus, esan a leigeadh a stigh. Thuirt fear Lochabuidhe nach leigeadh.
“Is ann a th’ annam,” ars’ esan, “am buachaille agaibh fhéin.” Leig iad
’an so a stigh e. Bhuail e so air innseadh dhoibh mar chaidh e-fhéin
’s am buachaille eile a ghoid an daimh; gu ’n do shaoil esan gur h-e
’m buachaille eile a bha air tilleadh leis an damh, gur h-e ’thug air
a dh’ fheòraich an robh e reamhar. Bha spòrs is fearas-chuideachd
anabarrach aig tighearna Lochabuidhe ’s aig ’uaislean air a so fad
na h-oidhche. Chum iad aca am buachaille gus an robh e ro-fhada dh’
oidhche ’g innseadh naigheachd mar a dh’ éirich dha.
Thàinig so am fear a chaidh a ghoid an daimh. Ràinig e ’chraobh aig an
d’ fhàg e ’m buachaille eile ’s cha d’ fhuair e duine. Bhuail e air
siubhal sìos ’s suas; mhothaich e ’n slaod ud nuas ris a’ chraoibh.
“O,” ars’ esan, “tha thusa air do chrochadh bho ’n a dh’ fhalbh mise,
’s bithidh mise am maireach air an ruith air am bheil thu fhéin. ’S
e an turus mi-shealbhach, ’s buaireadh nam ban, a chuir sinne air an
turus.”
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account