The Celtic Magazine, Vol. 1, No. 3, January 1876: A Monthly Periodical Devoted to the Literature, History, Antiquities, Folk Lore, Traditions, and the Social and Material Interests of the Celt at Home and Abroad — John Shaqi
The Celtic Magazine, Vol. 1, No. 3, January 1876: A Monthly Periodical Devoted to the Literature, History, Antiquities, Folk Lore, Traditions, and the Social and Material Interests of the Celt at Home and AbroadVarious
History
The Celtic Magazine, Vol. 1, No. 3, January 1876: A Monthly Periodical Devoted to the Literature, History, Antiquities, Folk Lore, Traditions, and the Social and Material Interests of the Celt at Home and Abroad
O 's truagh an sgeula tha 'n diugh ri fheutainn,
Thug gal air ceudan a measg an t-sluaigh,
Mu Eachainn gleusta 'bha fearail, feumail,
Gun da ghlac an t-eug thu a threun-laoich chruaidh:
'S mor bron do Chinnidh, mar eoin na tuinne
Tha 'n cronan duilich 's an ullaidh uath
'S bho nach duisg an gair thu, 's nach cluinn thu 'n gailich,
Se chlaoidh do chairdean do bhas cho luath.
Tha do chairdean cianal, tha bron da'lionadh,
Tha 'n inntinn pianail bho n' ghlac thu 'm bas,
'S iad a ghnath fuidh thiorachd 's nach faigh iad sgial ort,
Ach thu bhi iosal an ciste chlar
Bu tu ceann na riaghailt 'us lamh na fialachd,
A sheoid gun fhiaradh, gun ghiamh gun sgath,
'Sa nis bho 'n thriall thu, 's sinn lan dha d' iargan,
'S nach eil 's na criochan fear a lionas d' ait.
Bha d' aite miaghail 's gach cas an iarrt' thu,
A reir mo sgiala bu teirc do luach:
Bha thu pairteach, briathrach, ri ard 's ri iosal,
Gun chàs gun dioghaltas air an tuath.
Bha foghlum Iarl' agad 's ciall fear riaghlaidh
Bu mhor an diobhail nach da liath do ghruag,
'S ann a bharc an t-aog ort mas d' thainig aois ort,
A ghnuis bha faoilteach air chaochladh snuaidh.
Bha do shnuadh cho aillidh 's nach fhaodainn s' aireamh,
Mar ròs a gharaidh ri maduinn dhriuchd,
Bu chuachach, faineach, do ghruag an caradh--
Mar theudan clarsaich an' inneal ciuil
Do ghruaidh dhearg dhathte, do shuil mar dhearcag,
Fuidh ghnuis na maise bu tapaidh sùrd
Rasg aotram, geanach, bho 'm b'fhaoilteach sealladh
Beul muirneach tairis, 's deud thana dhluth.
O! 's dluth bha buaidhean a stri mu'n cuairt duit,
Cha b' eol dhomh suairceas nach robh 'do chrè
Bha thu ciallach, narach, 's tu briathrach, pairteach,
'S tu rianail, daimheil, ri d' chairdean fhein:
Bu tu firean, fallain, bha rioghail, geanach,
'Sa leoghann tapaidh bu ghlaine beus;
Bhiodh min 'us gairg' air, bhiodh sith 'us fearg air,
Nuair chit' air falbh e bhiodh colg na cheum.
Se do cheum bu bhrisge 's bu shubailt iosgaid,
Bha moran ghibhtean ri d' leasraidh fuaight.
Bu tu glas nan Gaidheal, bho mhuir gu braighe
Gu crioch Chinntaile 's na tha bho thuath.
O! 's lionmhor oigfhear tha 'n diugh gu bronach
A fasgadh dhorn, 'us ruith-dheoir le ghruaidh,
'Bhiodh dana, sgaiteach, gun sgath gun ghealtachd,
Na 'm bu namhaid pears' bheireadh Eachainn bh' uainn.
Bha thu mor an onair, bu mhor do mholadh,
Bu mhor do shonas, 's tu gun dolaidh gibht'
Bu mhor a b'fhiach thu, bu mhor do riaghailt,
Bu mhor do mhiagh ann an ciall 's an tuigs',
Bu mhor do churam, bu mhor do chuisean,
Bu mhor do chliu ann an cuirt 'sa meas,
Bu mhor do stata, 's bu mhor do nadur,
'S cha mhor nach d'fhag thu na Gaidheil brist'.
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account