Ghabh e null ’s thug e’ n duine bhàrr na croiche g’ a thoirt dachaigh.
Dh’ fhalbh e ’s cha d’ fhuair e leithid dol roimh mhonadh ’s roimh
pholl ’s roimh eabar riamh; mu dheireadh ràinig e tigh na mnatha bha ’n
duine air a chrochadh aice. Bhuail e ’s an dorus; dh’ éirich a’ bhean
’s leig i stigh e. “Ciamar a dh’ éirich dhuibh?” ars’ a’ bhean. “Is
coma leatsa co-dhiù, mo thruaighe! tha e air a chrochadh o ’n a dh’
fhalbh sinn.”
Chaidh a’ bhean gu glaodhaich agus gu caoineadh. “Na abair guth,” ars’
esan, “air neo bithidh tu fhéin ’s mise air ar crochadh am màireach.
Tiodhlaicidh sinn anns a’ ghàradh e, ’s cha bhi fios aig duine am feasd
air. Nis (ars’ esan), bithidh mise falbh dhachaigh thun mo thighe féin.”
Ach smaointich am fear a bha ’n Lochbuidhe gu ’n robh an t-àm aige
tighinn dachaigh nis. Bhuail e ’s an dorus aige fhéin. Cha dubhairt a
bhean guth. Ghlaodh e so a leigeadh a stigh. “Cha leig,” ars’ a bhean,
“’s ann a tha thu air do chrochadh; cha tig thu so am feasd!”
“Cha ’n ’eil mi air mo chrochadh fhathast,” thuirt esan.
“Biodh sin mar a dh’ fheudas e dhuit,” ars’ ise, “cha ’n fhaigh thu
stigh so am feasd.”
Is e ’chomhairle a smaointich e air, dol gu tigh a’ bhuachaille eile.
Ghlaodh e ’s an dorus aig an fhear ud, a leigeil a stigh. Thuirt am
fear ud, “Cha tig thu stigh an so; fhuair mise gu leòir ’g ad thoirt
dachaigh air mo mhuin ’s tu air do chrochadh.” Bha uinneag mhòr air
ceann an tighe ’s ghabh e dh’ ionnsuidh na h-uinneig. Thàinig e stigh
air an uinneig. “Eirich,” ars’ esan, “’s las solus ’s gu ’m faic thu
nach do chrochadh mise na ’s mò na ’chrochadh tu-fhéin.”
’Nuair chunnaic e gur e a bh’ aige, chum e aige e gu maduinn, gus an
d’ thàinig an latha. Chuir iad an so an guth ri chéile a dh’ innseadh
dhaibh mar a dh’ éirich dhaibh thall ’s a bhos; gu ’n rachadh iad gu
tighearna Lochabuidhe ’s gu ’n innseadh iad dha na h-uile dad mar a dh’
éirich dhaibh. ’Nuair chuala tighearna Lochabuidhe mar a dh’ éirich
doibh, cha robh bliadhna tuilleadh nach tugadh e damh do na h-uile fear
dhiubh, ’s bolla mine.
NOTES:
[10] _Dubh-bhrochan_ is a thin mixture of oatmeal and water, without
meat or vegetables. This seems to have been a popular drink in olden
times. When the Lord of the Isles kept state at Duntulm Castle in Skye,
no one was admitted into the potentate’s body-guard unless he could
take the vessel (diorcal), containing the liquid, with one hand from
his companion, take his own mouthful, and pass it on to the next. In
the Island of Mull, adjoining the Sound, and opposite Ardtornish, once
the seat of the Lords of the Isles, there is a place, probably deriving
its name from some fancied resemblance to this dish, called Loch
Diorcal.
[11] Moy Castle is situated near the modern mansion-house of Lochbuie,
and the reference appears to be to it in the Gaelic text. (Ed.)
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account