Evil eye in the western HighlandsMaclagan, Robert Craig
Religion
Evil eye in the western Highlands
Maclagan, Robert Craig
Evil eye; Folklore; Superstition
“_Tha Eolas nathrach ann, agus tha Eolas deide ann. Tha Eolas sul,
agus Eolas greim, agus Eolas chronachaidh ann. Eolas gach ni, ’na aite
fein. Ma lotar neach le nathair, faigheadh e Eolas nathrach: agus
’nuair bhios an deide air duine faigheadh e Eolas deide; agus mar sin
leis gach ni eile. Is aithne dhomh fhein da neo tri, a fhuair leigheas
airson lot nathrach. Tha na facail th’ aca airson Eolais greim air an
toirt as an Tiomnadh nuadh, pios an so, agus pios an sin; agus iad sin
air an sgriobhadh air paipear, agus am paipear sin air fhuaigheal air
an taobh a steach de chot’ an duine air an robh an greim. Cuiridh so an
greim air falbh. B’aithne dhomh fhein duine a dh’ fheuch so, agus rinn
e feum dha. Ach feumaidh duine bhi cinnteach gum bu na facail ceart
aige. Agus tha na facail airson eolas deide air an cuir air paiper,
agus am paiper air fhuaigheal an taobh a stigh de aodach duin’ air a
cheart doigh. Ach ma tha na fiaclan air falbh, cha dean e math sam
bith, ach ma tha iad slan fathast, ni e feum, agus cha tig an deide air
ais tuille._
”_Chuala mi iomadh uair na facail th’ aca airson Eolas sul; ach
bheir mi dhuibh na chrunas an t-iomlan—ni a thug Mathair da Mac gus
olc a chumail air falbh, bho’n bhainne agus bho’n chuinneag. So na
briatharan:—_
‘_’Nuair a ni thu toiseachadh.
Cuir dorlach math salainn ann.
Cuir bun ’us barr an neonain ann.
Cuir mionach roin, ’us gearr fheidh ann.
Buain slat de’n chaoran a nall o aodann Eallasaid.
Snathain dearg le snuim teann
Air a chuir mu cheann a’ chratachan.
’S ged a thigeadh buidseach Hendry.
Cheannsaicheadh am balach i._’
_Tha sibh a faicinn, bha ’m buidseach Hendry anns a Bhioball. B’ ise’
m buidseach bu laidire bha beo riomh; ach nam faigheadh neach sambith
na nithe sin uile, agus an cuir gu feum, cha b’ urrainn dhise neo
do bhuidseach sam bith eile a chron a dheanadh. Chunnaic mi fein an
snathain dearg air clann, gus olc a chumail bhuapa._”
Public-domain text, read in full here on John Shaqi.
Reviews
Reviews
No reviews yet
Be the first to share your thoughts on this work.
Join the Discussion
Join the discussion
Sign in to leave a comment or review.
Sign InorCreate an account